Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e a sheirbhiseach uaithe an àm na suipeir a ràdh ris a’ mhuinntir a fhuair cuireadh, Thigibh, oir tha na h‑uile nithean a‑nis ullamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt esan ris, Rinn duine àraidh suipear mhòr, agus thug e cuireadh do mhòran:

Agus thòisich iad uile a dh’aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thubhairt an ciad fhear ris, Cheannaich mi fearann, agus is èiginn dhomh dol a‑mach agus fhaicinn: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.

Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e.

Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh-se a chuireadh facal na slàinte seo.

Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan