Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr-mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh.
Agus bidh Ephraim mar ghaisgeach; agus nì an cridhe gàirdeachas mar le fìon: seadh, chì an clann, agus bidh iad ait; nì an cridhe gàirdeachas anns an Tighearna.
Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.
Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.