Agus bidh tu beannaichte, a chionn nach urrainn iad a’ chomain cheudna a thoirt dhut: oir gheibh thu comain ann an aiseirigh nam fìrean.
An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs.
A‑chum gum bi do dhèirc an uaigneas: agus bheir d’Athair, a chì ann an uaigneas, duais dhut gu follaiseach.
Ach nuair a nì thu cuirm, gairm na bochdan, na daoine ciurramach, na bacaich, na doill:
Agus thèid iad a‑mach; iadsan a rinn math, a‑chum aiseirigh na beatha; agus iadsan a rinn olc, a‑chum aiseirigh an damnaidh.
Agus tha dòchas agam ann an Dia, ris a bheil sùil mar an ceudna aca fhèin, gun tig aiseirigh nam marbh, nam fìrean araon agus nan neo-fhìrean.