Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Greas ort, gabh a’ chulaidh agus an t‑each mar a thubhairt thu, agus dèan mar sin do Mhordecai an t‑Iùdhach, a tha na shuidhe ann an geata an rìgh: na dearmaid nì air bith de na thubhairt thu.
Islichear sealladh uaibhreach an duine mhòir, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air a àrdachadh anns an là sin.
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
An sin thubhairt e ris an tì mar an ceudna a thug cuireadh dha, Nuair a nì thu dìnnear no suipear, na gairm do chàirdean, no do bhràithrean, no do luchd-dàimh, no do choimhearsnaich shaoibhir; air eagal gun toir iadsan mar an ceudna cuireadh dhutsa a‑rìs, agus gum faigh thu a’ chomain cheudna.
Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.
Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.
Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.