Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a gheibh thu cuireadh, imich agus suidh anns an àit as ìsle; a‑chum, nuair a thig esan a thug cuireadh dhut, gun abair e riut, A charaid, suidh suas nas àirde: an sin gheibh thu urram an làthair na muinntir a tha nan suidhe air bòrd maille riut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Is e eagal an Tighearna fòghlam a’ ghliocais; agus ro urram tha irioslachd.

Agus thig mic do luchd-sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil.

Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.

Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan