Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 14:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh.

Agus ma thig neach gam shealltainn, labhraidh e dìomhanas; càrnaidh a chridhe euceart dha fhèin; thèid e a‑mach agus labhraidh e e.

A‑mhàin a‑chum a thilgeadh sìos o a àirde tha iad a’ gabhail comhairle le chèile; is miann leo breugan; lem beul beannaichidh iad, ach nan cridhe mallaichidh iad. Selah.

Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat.

Nach mòr, matà, as fheàrr duine na caora? Uime sin tha e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid.

Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh.

Agus, feuch, bha duine àraidh nan làthair air an robh a’ mheud-bhronn.

Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i.

Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.

Agus rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire, a dh’fheuchainn an lèighseadh e air an t‑sàbaid; a‑chum gum faigheadh iad cùis-dhìtidh na aghaidh.

Agus bha duine de na Pharasaich, dom b’ainm Nicodèmus, a bha na uachdaran air na h‑Iùdhaich:

An sin dh’èirich Pharasach àraidh anns a’ chomhairle, dom b’ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, air an robh meas aig an t‑sluagh uile, agus dh’òrdaich e na h‑abstoil a chur a‑mach rè tamaill;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan