Labhair e mar an ceudna an cosamhlachd seo: Bha aig duine àraidh crann-fìge suidhichte na ghàrradh-fìona: agus thàinig e ag iarraidh toraidh air, agus cha d’fhuair e.
Nì mise gu buileach an sgrios, deir an Tighearna; cha bhi fìondhearc air an fhìonain, no fìgean air a’ chrann-fhìge; seargaidh eadhon an duilleach; agus na nithean a thug mise dhaibh siùbhlaidh uapa.
Agus a‑nis fhèin tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh: air an adhbhar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.
Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.