Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

No na h‑ochd-fir-dheug sin air an do thuit an tùr ann an Silòam, agus a mharbh iad, an saoil sibh gu robh iadsan nam peacaich os cionn nan uile dhaoine a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ach theich a’ chuid eile gu Aphec, don bhaile; agus an sin thuit balla air seachd-mìle-fichead fear de na dh’fhàgadh. Agus theich Ben-hadad, agus thàinig e don bhaile, do sheòmar-cùil.

Ach geata an tobair chàraich Salum mac Chol-hoseh, fear-riaghlaidh roinn Mhispah: thog e e, agus chuir e dìon air, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus balla lochan Shiloah làimh ri lios an rìgh, agus gu ruig na ceuman a’ dol sìos o bhaile Dhaibhidh.

Agus, feuch, thàinig gaoth mhòr on fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnean an taighe, agus thuit e air na h‑òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.

A chionn gun do chuir an sluagh seo cùl ri uisgeachan Shilòah, a ruitheas gu sèimh; agus gu bheil iad a’ gabhail tlachd ann an Resin agus ann am mac Remaliah:

Agus nuair a thòisich e air cunntas a dhèanamh, thugadh aon da ionnsaigh air an robh aige deich mìle tàlann:

Agus maith dhuinn ar fiachan, amhail a mhaitheas sinne dar luchd-fiach.

Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc.

Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.

Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.

Fhreagair esan agus thubhairt e, Rinn duine don ainm Iosa criadh, agus sgaoil e air mo shùilean i, agus thubhairt e rium, Imich gu lochan Shilòaim, agus ionnlaid: agus dh’imich mi agus dh’ionnlaid mi, agus fhuair mi mo fhradharc.

Agus thubhairt e ris, Imich, ionnlaid ann an lochan Shilòaim (is e sin air eadar-theangachadh, Air a chur). Uime sin dh’imich e, agus dh’ionnlaid e, agus thàinig e a’ faicinn.

Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan