Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, dh’fhàgadh ur taigh fàs agaibh: agus gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach faic sibh mise gus an tig an t‑àm anns an abair sibh, Is beannaichte an tì a thig ann an ainm an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna; thug sinne beannachd oirbhse o thaigh an Tighearna.

Biodh an àite-tàimh fàs; nam pàilleanan na gabhadh neach còmhnaidh!

Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!

Ach mura toir sibh èisdeachd do na briathran seo, orm fhèin thug mise mionnan, deir an Tighearna, Gu cinnteach nìthear ionad fàs den taigh seo.

Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Dia nan sluagh, Dia Israeil: Feuch, bheir mise air Iùdah, agus air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, an t‑olc sin uile a labhair mi nan aghaidh: a chionn gun do labhair mi riu, ach nach d’èisd iad; agus gun do ghlaodh mi riu, ach nach do fhreagair iad.

Uime sin, air ur son-se bidh Sion air a treabhadh mar mhachair, agus bidh Ierusalem na cùirn; agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.

Oir cruinnichidh mise na h‑uile chinnich an aghaidh Ierusaleim gu cogadh; agus glacar am baile, agus creachar na taighean, agus èignichear na mnathan; agus thèid leth a’ bhaile air falbh ann am bruid; agus cha ghearrar a’ chuid eile den t‑sluagh as on bhaile.

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!

A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse!

Agus nuair a thàinig e am fagas, chunnaic e am baile, agus ghuil e air a shon,

Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.

Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach na chòdhail, agus ghlaodh iad, Hosanna, beannaichte gu robh Rìgh Israeil a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan