Gidheadh, is èiginn dhomh imeachd an‑diugh agus a‑màireach, agus an là na dhèidh sin: oir chan fhaod e a bhith gun cuirear fàidh gu bàs a‑mach à Ierusalem.
Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad a‑chum bàis e.
Air an adhbhar sin cha d’imich Iosa nas mò gu follaiseach am measg nan Iùdhach; ach chaidh e as a sin do dhùthaich làimh ris an fhàsach, gu baile ris an abrar Ephraim, agus an sin ghabh e còmhnaidh maille ra dheisciobail.
An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.
Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh.
Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.
Oir iadsan a tha a chòmhnaidh ann an Ierusalem, agus an uachdarain, air dhaibh a bhith aineolach airsan, agus air briathran nam Fàidhean a tha air an leughadh gach sàbaid, le esan a dhìteadh choilean iad iad.