Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh don t‑sionnach sin, Feuch, tha mi a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, agus tha mi a’ dèanamh leigheas an‑diugh agus a‑màireach, agus air an treas là bidh mi air mo dhèanamh foirfe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Glacaibh dhuinn na sionnaich, na sionnaich bheaga, a mhilleas na croinn-fhìona, agus dearcan òga ar crann-fìona.

O Israeil, is cosmhail d’fhàidhean ris na sionnaich anns na fàsaichean.

Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.

Agus chuala Herod an rìgh uime, oir chaidh ainm am follais; agus thubhairt e, Tha Eòin Baistidh air èirigh o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.

Fhreagair Iosa iad, Nochd mi dhuibh mòran obraichean matha om Athair; cia de na h‑obraichean sin airson a bheil sibh gam chlachadh?

An sin nuair a ghabh Iosa am fìon-geur, thubhairt e, Tha e crìochnaichte: agus air cromadh a chinn dha, thug e suas a spiorad.

Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.

Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;

Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan