Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd.
Their mi ris an àird a tuath, Thoir seachad, agus ris an àird a deas, Na cùm air ais; thoir mo mhic o chèin, agus mo nigheanan o chrìochan na talmhainn;
Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.
Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.
Agus tha mi ag ràdh ribh gun tig mòran on àird an ear agus on àird an iar, agus gun suidh iad maille ri Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, ann an rìoghachd nèimh:
Agus an sin cuiridh e a aingil a‑mach, agus cruinnichidh e ri chèile a dhaoine taghte fhèin o na ceithir gaothan, o leth-iomall na talmhainn gu leth-iomall nèimh.
Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.
A thàinig dur n‑ionnsaigh-se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg-se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn.