Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach their esan, Tha mi ag ràdh ribh, chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh? Imichibh uam uile, a luchd-dèanamh na h‑eucoir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Oir is aithne don Tighearna slighe nam fìrean, ach sgriosar slighe nan aingidh.

Gu moch gearraidh mi as uile dhroch dhaoine na tìre, a‑chum gun sgath mi as o chathair an Tighearna uile luchd-dèanamh an uilc.

Imichibh uam, a luchd-dèanaimh an uilc, oir gleidhidh mise àitheantan mo Dhè.

Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd-dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel!

Na tarraing mi a‑mach leis na h‑aingidh, agus le luchd-dèanamh na h‑eucoir, a tha a’ labhairt sìth rin coimhearsnaich agus olc aca nan cridhe.

Sgriosaidh tu luchd-labhairt bhreug; is gràin leis an Tighearna an duine fuileachdach agus cealgach.

Imichibh uam, sibhse uile a luchd-dèanamh na h‑euceirt, oir chuala an Tighearna guth mo chaoidh.

Seadh, ged àraich iad an clann, sgriosaidh mise iad o mheasg dhaoine; seadh, is an‑aoibhinn dhaibh, nuair a dh’imicheas mise uapa.

Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach aithne dhomh sibh.

An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:

On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?

Ach ma tha gràdh aig duine sam bith do Dhia, tha esan air aithneachadh leis.

Ach a‑nis air dhuibh Dia aithneachadh, no mar as fheàrr a dh’fhaodar a ràdh, a bhith air ur n‑aithneachadh le Dia, cionnas a tha sibh ag ath-thilleadh a‑chum nan ciad-thoiseach anfhann agus bochd, dom miann leibh a bhith a‑rìs fo dhaorsa?

Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan