Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin tòisichidh sibh air a ràdh, Dh’ith sinn agus dh’òl sinn ad làthair, agus theagaisg thu nar sràidean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Gidheadh o là gu là tha iad gam iarraidh-sa, agus is toil leo eòlas a ghabhail air mo shlighean; mar chinneach a tha a’ cur an gnìomh fìreantachd, agus nach do thrèig reachd an Dè; tha iad a’ fiosrachadh dhìomsa mu thimcheall reachdan na fìreantachd, agus is miann leo a bhith a’ teachd dlùth do Dhia.

Ach their esan, Tha mi ag ràdh ribh, chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh? Imichibh uam uile, a luchd-dèanamh na h‑eucoir.

Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.

Aig a bheil coslas diadhachd, ach a tha ag àicheadh a cumhachd: on leithidean sin tionndaidh-sa air falbh.

Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan