Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a‑steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a‑steach, agus nach urrainn iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus chan fhaigh e; ach don tì a thuigeas tha eòlas furasda.

Marbhaidh miann an leisgein e; oir diùltaidh a làmhan obair a dhèanamh.

Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon dhiubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnas a thèid e don chathair.

Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala.

Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.

Agus o làithean Eòin Baistidh gus a‑nis, tha rìoghachd nèimh a’ fulang ainneirt, agus luchd na h‑ainneirt ga glacadh le làmhachas-làidir.

An sin thubhairt neach àraidh ris, A Thighearna, an tearc iad a shaorar? Agus thubhairt esan riu,

Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.

A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.

Oir chaidh aingeal sìos an àm àraidh anns an lochan, agus chuir e an t‑uisge troimhe chèile: uime sin an ciad neach a rachadh sìos ann, an dèidh cur troimhe chèile an uisge, rinneadh slàn e de aon tinneas a bhiodh air.

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.

Iarraidh sibh mi, agus chan fhaigh sibh mi: agus don àite anns am bi mi, chan urrainn sibhse teachd.

An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh sibh nur peacadh; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol.

Oir air dhaibh a bhith aineolach air fìreantachd Dhè, agus ag iarraidh am fìreantachd fhèin a chur air chois, cha do strìochd iad do fhìreantachd Dhè.

An nì a‑chum a bheil mise mar an ceudna a’ saothrachadh, a’ dèanamh spàirn a rèir a obrachaidh-san, a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach.

Dèanamaid dìcheall uime sin air dol a‑steach don t‑suaimhneas sin, air eagal gun tuit aon neach a rèir eisempleir cheudna a’ mhì-chreidimh.

Agus thill iad gu Iosua, agus thubhairt iad ris, Na rachadh an sluagh uile suas; ach rachadh mu thimcheall dà mhìle, no trì mìle fear suas, agus buaileadh iad Ai: na toir air an t‑sluagh uile saothrachadh an sin; oir chan eil ann dhiubh ach beagan.

Uime sin, a bhràithrean, dèanaibh tuilleadh dìchill a‑chum ur gairm agus ur taghadh a dhèanamh cinnteach: oir ma nì sibh na nithean seo, cha tuit sibh a‑chaoidh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan