Agus thubhairt e a‑rìs, Cò ris a shamhlaicheas mi rìoghachd Dhè?
Ach cò ris a shamhlaicheas mise an ginealach seo? Is cosmhail e ri cloinn a shuidheas anns a’ mhargadh, agus ag èigheach rin companaich,
Chuir e cosamhlachd eile a‑mach dhaibh, ag ràdh, Is cosmhail rìoghachd nèimh ri duine a chuir sìol math na fhearann:
An sin thubhairt e, Cò ris a tha rìoghachd Dhè cosmhail, agus cò ris a shamhlaicheas mi i?
Tha i cosmhail ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan.