Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ saoilsinn gu robh na Galilèaich sin nam peacaich nas mò na na Galilèaich uile, airson gun d’fhuiling iad a leithid seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus bha an làthair anns an àm sin daoine àraidh a dh’innis dha mu thimcheall nan Galilèach, muinntir a mheasg Pilat am fuil maille rin ìobairtean.

Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh: ach mura dèan sibhse aithreachas, sgriosar sibh uile mar an ceudna.

No na h‑ochd-fir-dheug sin air an do thuit an tùr ann an Silòam, agus a mharbh iad, an saoil sibh gu robh iadsan nam peacaich os cionn nan uile dhaoine a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem?

Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, A Mhaighistir, cò a pheacaich, an duine seo, no a phàrantan, gun do rugadh dall e?

Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan