Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt e, Cò ris a tha rìoghachd Dhè cosmhail, agus cò ris a shamhlaicheas mi i?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ciod a thàirngeas mi mar fhianais ad aghaidh? Ciod an nì a shamhlaicheas mi riut, O nighean Ierusaleim? Ciod a choimeasas mi riut, a‑chum gun tugainn comhfhurtachd dhut, O òigh-nighean Shioin? Oir tha do bhriseadh mòr mar an fhairge; cò a dh’fhaodas do leigheas?

Chuir e cosamhlachd eile a‑mach dhaibh, ag ràdh, Is cosmhail rìoghachd nèimh ri duine a chuir sìol math na fhearann:

Agus thubhairt e, Is amhail rìoghachd Dhè, mar gun cuireadh duine sìol anns an talamh.

Agus thubhairt e a‑rìs, Cò ris a shamhlaicheas mi rìoghachd Dhè?

Cha mhò a their iad, Feuch an seo, no, Feuch an sin: oir feuch, tha rìoghachd Dhè an taobh a‑staigh dhibh.

Agus thubhairt an Tighearna, Cò ris uime sin a shamhlaicheas mi daoine a’ ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad cosmhail?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan