Agus nuair a thubhairt e na nithean sin, chuireadh a naimhdean uile gu nàire; ach rinn an sluagh uile gàirdeachas, airson nan uile nithean glòrmhor a rinneadh leis.
Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile a tha ag iarraidh m’anama ga sgrios; ruaigear air an ais agus nàraichear iadsan a tha a’ guidhe uilc dhomh.
Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?
Gu cinnteach, their neach, anns an Tighearna tha agam fìreantachd agus neart; da ionnsaigh-san thig iad; bidh iadsan uile air an nàrachadh air a bheil corraich na aghaidh.
Cluinnibh-se facal an Tighearna, sibhse a tha a’ criothnachadh ro a fhacal; ur bràithrean a tha a’ toirt fuath dhuibh, a thilg a‑mach sibh air sgàth m’ainme-sa, their iad, Biodh an Tighearna air a ghlòrachadh; ach foillsichear e a‑chum aoibhneis dhuibhse, agus cuirear iadsan gu amhluadh.
Agus air dhaibhsan tuilleadh bagraidh a dhèanamh orra, leig iad as iad, gun dòigh air bith fhaotainn air am faodadh iad peanas a dhèanamh orra, airson an t‑sluaigh: oir bha na h‑uile a’ toirt glòire do Dhia airson an nì a rinneadh.
Cainnt fhallain nach fhaodar a dhìteadh; a‑chum gum bi nàire air an neach a tha nur n‑aghaidh, a chionn nach eil droch nì sam bith aige ri labhairt umaibh.
Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh-beatha ann an Crìosd.