Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 13:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic Iosa i, ghairm e da ionnsaigh i, agus thubhairt e rithe, A bhean, tha thu air d’fhuasgladh od anfhainneachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios.

Dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach robh gam fharraid; fhuaireadh mi leòsan nach robh gam iarraidh; thubhairt mi, Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air ainmeachadh orm.

Dèanaibh claidheamhan de ur coltairean agus sleaghan de ur corrain-sgathaidh; abradh an lag, Tha mi làidir.

Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.

Agus nuair a bha am feasgar air teachd, thug iad da ionnsaigh mòran anns an robh deamhain; agus thilg e na spioradan a‑mach le a fhacal, agus shlànaich e iadsan uile a bha easlan:

Agus, feuch, bha bean àraidh an làthair aig an robh spiorad anfhainneachd rè ochd-bliadhna-deug, agus bha i air a cromadh ri chèile, agus gun chomas aice air chor sam bith i fhèin a dhìreachadh.

Agus chuir e a làmhan oirre; agus air ball rinneadh dìreach i, agus thug i glòir do Dhia.

Agus nach bu chòir a’ bhean seo, a tha na nighinn do Abrahàm, a cheangail Sàtan a‑nis rè ochd-bliadhna-deug, a bhith air a fuasgladh on chuibhreach seo air là na sàbaid?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan