Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach tha eadhon fuilteinean ur cinn uile air an àireamh. Uime sin na biodh eagal oirbh: is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt ise, Cuimhnicheadh, guidheam ort, an rìgh an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bi dìoghaltairean na fala lìonmhor gu sgrios, agus nach marbh iad mo mhac. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròinneag de fhalt do mhic gu làr.

A tha gar teagasg nas mò na ainmhidhean na talmhainn, agus gar dèanamh nas glice na eunlaith nan speur?

Thug thu uachdaranachd dha air obraichean do làmh; chuir thu gach nì fo a chasan;

Nach mòr, matà, as fheàrr duine na caora? Uime sin tha e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid.

Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan?

Ach cha chaillear fuiltean de ghruaig ur cinn.

Uime sin guidheam oirbh biadh a ghabhail; oir tha seo a‑chum ur slàinte: oir cha chaillear fuiltean à ceann a h‑aoin agaibh.

Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan