Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:57

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus carson nach eil sibh eadhon uaibh fhèin a’ breithneachadh an nì sin a tha ceart?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann-fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante:

Oir thàinig Eòin dur n‑ionnsaigh air slighe na fìreantachd agus cha do chreid sibh e: ach chreid na cìs-mhaoir agus na strìopaichean e. Agus ged a chunnaic sibhse seo, cha do ghabh sibh aithreachas na dhèidh sin, a‑chum gun creideadh sibh e.

Nuair a bhios iad cheana a’ cur a‑mach an duillich, tha sibh a’ faicinn, agus ag aithneachadh uaibh fhèin, gu bheil an samhradh a‑nis am fagas.

Na tugaibh breith a rèir coslais, ach thugaibh breith cheart.

Agus le mòran de bhriathran eile rinn e fianais agus dh’earalaich e iad, ag ràdh, Saoraibh sibh fhèin on ghinealach fhiar seo.

Measaibh annaibh fhèin; a bheil e ciatach do mhnaoi ùrnaigh a dhèanamh ri Dia gun chòmhdach air a ceann?

Nach eil nàdar fhèin a’ teagasg dhuibh, ma bhios gruag fhada air fear, gur nàir dha e?

O gum biodh iad glic, gun tuigeadh iad seo, gun tugadh iad fa‑near an crìoch dheireannach!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan