Agus de mhic Isachair, aig an robh aithne air na h‑aimsirean, a thuigsinn ciod a bu chòir do Israel a dhèanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an òrdagh-san.
Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.
Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.
Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.
Agus air madainn, Bidh droch aimsir ann an‑diugh, oir tha an t‑adhar dearg agus dorcha. A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air gnùis an adhair, agus nach eil e an comas dhuibh comharraidhean nan aimsir a thuigsinn?
Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.