Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:52

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bidh à seo suas còignear ann an aon taigh air an roinn, triùir an aghaidh dithis, agus dithis an aghaidh triùir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh.

A bheil sibh a’ saoilsinn gun tàinig mise a thoirt sìth air an talamh? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh, ach aimhreit.

Bidh an t‑athair air a roinn an aghaidh a’ mhic, agus am mac an aghaidh an athar; a’ mhàthair an aghaidh na nighinn, agus an nighean an aghaidh na màthar; a’ mhàthair-chèile an aghaidh bean a mic, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar-chèile.

Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.

Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas-aonachd nam measg.

Agus chreid cuid na nithean a labhradh, agus cha do chreid cuid eile dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan