A bheil sibh a’ saoilsinn gun tàinig mise a thoirt sìth air an talamh? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh, ach aimhreit.
Agus gheàrr mi as a chèile mo lorg eile, eadhon Cuibhrichean; a‑chum gum brisinn am bràithreachas eadar Iùdah agus Israel.
Thàinig mise a chur teine air an talamh, agus ciod as àill leam, ma tha e cheana air fhadadh.
Oir bidh à seo suas còignear ann an aon taigh air an roinn, triùir an aghaidh dithis, agus dithis an aghaidh triùir.
Agus nuair a thubhairt e na briathran seo, dh’imich na h‑Iùdhaich romhpa, agus bha mòr-reusonachadh aca eatorra fhèin.