Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh.
Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.
Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.
Is èiginn dhòmhsa obraichean an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, am feadh is là e: tha an oidhche a’ teachd, nuair nach urrainn aon duine obair a dhèanamh.