Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:47

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Marbhaibh gu tur an sean agus an t‑òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnathan; ach na beanaibh ri aon duine air a bheil an comharradh; agus tòisichibh aig mo naomh-ionad-sa. An sin thòisich iad aig na seann daoine a bha fa chomhair an taighe.

Agus thubhairt Peadar ris, A Thighearna, an ann rinne a tha thu a’ labhairt a’ chosamhlachd seo, no ris na h‑uile?

Thig tighearna an t‑seirbhisich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha, agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na mì‑chreidmhich.

An tì a tha a’ cur cùil riumsa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aige neach a bheir breith air: am facal a labhair mi, bheir e sin breith air anns an là dheireannach.

Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh-sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.

Thubhairt Iosa riu, Nam biodh sibh dall, cha bhiodh peacadh agaibh ach a‑nis tha sibh ag ràdh, Is lèir dhuinn; uime sin tha ur peacadh a’ fantainn.

A‑nis air do Dhia amharc thairis air aimsirean an aineolais seo, tha e a‑nis ag àithneadh do na h‑uile anns gach àite aithreachas a dhèanamh:

Uime sin dhàsan don aithne math a dhèanamh, agus nach dèan e, is peacadh e dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan