Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:46

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thig tighearna an t‑seirbhisich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha, agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na mì‑chreidmhich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Is e seo cuibhreann an duine aingidh o Dhia, agus an oighreachd a dh’òrdaicheadh dha le Dia.

Rannsaichidh an Tighearna am fìrean; ach an t‑aingidh, agus esan a thug spèis do fhòirneart, is fuath le a anam.

Oir gearrar as droch dhaoine, ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, buan-mhealaidh iad an talamh.

Oir cha tilg Dia dheth a shluagh, agus cha trèig e a oighreachd fhèin;

Thig tighearna an òglaich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha.

Agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na cealgairean: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Bithibh-se uime sin deas mar an ceudna: oir thig Mac an Duine nuair nach saoil sibh.

Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:

Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.

Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan