Lùcas 12:45Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg: Faic an caibideil |
Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threud nan creich, agus gun do rinneadh mo threud nam biadh do uile bheathaichean na machrach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, cha mhò a dh’iarr m’aodhairean mo threud, ach bheathaich na h‑aodhairean iad fhèin, agus cha do bhiadh iad mo threud-sa;