Is beannaichte an duine a nì seo, agus mac an duine a nì greim air; a choimheadas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a choimheadas a làmh o aon olc a dhèanamh.
Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?
Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis-san ann an sìth sibh, gun smal agus neo-lochdach: