Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?
Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.
Agus togaidh mi suas os an cionn aodhairean a dh’ionaltras iad, air chor is nach bi eagal orra tuilleadh, cha mhò a bhios geilt orra, cha mhò a bhios iad air an smachdachadh, deir an Tighearna.
Tha sibh ag ithe na saill, agus gur n‑èideadh fhèin leis an olainn, tha sibh a’ marbhadh nan ainmhidhean biadhte: chan eil sibh a’ beathachadh an treud.
Agus thubhairt esan riu, Air an adhbhar sin, gach uile sgrìobhaiche a tha fòghlaimte a‑chum rìoghachd nèimh, is cosmhail e ri fear-taighe, a bheir a‑mach as ionmhas nithean nuadh agus sean.
Agus nuair a thàinig am feasgar, thubhairt tighearna a’ ghàrraidh-fhìona sin ra stiùbhard, Gairm an luchd-obrach, agus thoir dhaibh an tuarasdal, a’ tòiseachadh on dream a thàinig mu dheireadh gu ruig na ciad daoine.
Agus ghairm Eòin da ionnsaigh dithis àraidh de a dheisciobail, agus chuir e iad gu Iosa, ag ràdh, An tusa esan a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?
Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.
Ach ma nì mi moille, a‑chum gum bi fhios agad cionnas as còir dhut thu fhèin a ghiùlan ann an taigh Dhè, nì as e eaglais an Dè bheò, post agus stèidh na fìrinn.
Oir is còir do easbaig a bhith neo-choireach, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin-thoileil, no feargach, no òlmhor, no tuasaideach, no cionail air buannachd shalaich;
Bithibh umhail dur cinn-iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo-thairbheach dhuibhse.