Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?
Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.
Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.
Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas: