Bithibh-se uime sin deas mar an ceudna: oir thig Mac an Duine nuair nach saoil sibh.
Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.
Uime sin, bithibh-se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine.
Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine.
Agus seo, air dhuibh fios na h‑aimsir a bhith agaibh, gur mithich dhuinn a‑nis mosgladh o chadal, oir tha ar slàinte a‑nis nas fhaisge na nuair a chreid sinn.
Ach cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, a‑chum a h‑ana-miannan a riarachadh.
Uime sin na caidleamaid mar dhaoine eile; ach dèanamaid faire agus bitheamaid stuama.
Bitheamaid aoibhinn agus dèanamaid gàirdeachas, agus thugamaid glòir dhàsan: oir thàinig pòsadh an Uain, agus dh’ullaich a bhean i fhèin.