Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, Na biodh eagal oirbh ron mhuinntir sin a mharbhas an corp, agus na dhèidh sin aig nach eil nì tuilleadh a dh’fhaodas iad a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.

Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr-mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh.

Is ro‑mhilis a bheul; seadh, tha e gu lèir ionmhainn. Is e seo fear mo ghràidh-sa, agus is e seo mo charaid, a nigheanan Ierusaleim.

Ach thusa Israeil, m’òglach, a Iàcoib, a roghnaich mi; sliochd Abrahàim, mo charaid;

Crioslaich thusa suas uime sin do leasraidh, agus èirich, agus labhair riu na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut; na biodh fiamh ort romhpa, air eagal gun cuir mise gu amhluadh thu nam fianais.

Na biodh eagal ort ron gnùis; oir tha mise maille riut a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna.

Oir bha eagal orra romhpa a chionn gun do mharbh Ismael mac Netaniah Gedaliah mac Ahicaim, a rinn rìgh Bhàbiloin na uachdaran anns an fhearann.

Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh fiamh ort ro am briathran, ged tha drisean agus droigheann mun cuairt dhut, agus do chòmhnaidh am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort ro am briathran, cha mhò a bhios geilt ort ro an gnùis, ged is taigh ceannairceach iad.

Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.

Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

A‑nis nuair a chunnaic iad dànachd Pheadair agus Eòin, agus a thuig iad gum bu daoine gun fhòghlam agus cumanta iad, ghabh iad iongantas; agus dh’aithnich iad iad gu robh iadsan maille ri Iosa.

Gun gheilt ann an nì sam bith oirbh o ur naimhdean: nì a tha dhaibhsan na chomharradh cinnteach air sgrios, ach dhuibhse air slàinte, agus sin o Dhia.

Agus choileanadh an sgriobtar a tha ag ràdh, Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd: agus ghoireadh caraid Dhè dheth.

Ach eadhon ma dh’fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, is sona sibh: agus na biodh fiamh an eagail-san oirbh, agus na bithibh mì‑shuaimhneach;

Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan