Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus biodh cinnt agaibh air a seo, nam biodh fhios aig fear an taighe cia an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e a thaigh a bhith air a tholladh troimhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.

Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad.

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.

Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan