Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.

Na biodh eagal ort, a chnuimh, a Iàcoib, a dhaoine bàsmhor Israeil; nì mise cobhair ort, deir an Tighearna, agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil.

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

Agus nuair a thubhairt mi, Cionnas a bheir mi àite dhut am measg mhac, agus a bheir mi dhut am fearann taitneach, oighreachd aoibhneach sluagh nan cinneach? An sin thubhairt mi, Goiridh tu riumsa, M’athair; agus cha till thu air d’ais om leantainn.

Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

Mar sin bidh an dream dheireannach air thoiseach, agus an dream a tha air thoiseach air dheireadh: oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.

An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:

Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh.

Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.

Fhreagair Iosa, Chan ann den t‑saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa: nam b’ann den t‑saoghal seo a bhiodh mo rìoghachd, dhèanadh mo sheirbhisich cogadh, a‑chum nach tugte thairis do na h‑Iùdhaich mi: ach a‑nis chan ann o seo a tha mo rìoghachd.

Air an adhbhar sin thugaibh aire dhuibh fhèin, agus don treud uile, air an do rinn an Spiorad Naomh luchd-coimhead dhibh, a bheathachadh eaglais Dhè, a cheannaich e le a fhuil fhèin.

Oir tha fhios agam air a seo, an dèidh m’imeachd-sa gun tig madaidhean-allaidh garga nur measg, nach caomhain an treud.

Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.

Oir nuair, ann an gliocas Dhè, nach b’aithne don t‑saoghal, tre ghliocas, Dia, bu toil le Dia le amaideachd an t‑searmonachaidh iadsan a thèarnadh a tha a’ creidsinn.

Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.

Air an adhbhar seo, tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh sìor-ùrnaigh air ur son-se, a‑chum gum meas ar Dia-ne gur airidh sibh air a’ ghairm seo, agus gun coilean e uile dheagh-ghean a mhaitheis, agus obair a’ chreidimh le cumhachd:

Nì a tha na chomharradh follaiseach air ceart-bhreitheanas Dhè, a‑chum gum measar gur airidh sibhse air rìoghachd Dhè, airson a bheil sibh a’ fulang:

Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Oir mar sin fritheilear gu pailt dhuibh slighe a‑steach do rìoghachd shìorraidh ar Tighearna agus ar Slànaighir, Iosa Crìosd.

Agus a rinn rìghrean dhinn agus sagartan do Dhia agus da Athair-san; dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan