Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach iarraibh-se rìoghachd Dhè, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Biodh eagal an Tighearna oirbh, a naoimh-san, oir cha bhi dìth air a luchd-eagail-san.

Cha chuirear gu nàire iad ann an àm an uilc, agus ann an làithean na gorta sàsaichear iad.

Bha mi òg, agus a‑nis tha mi sean; gidheadh chan fhaca mi am fìrean air a thrèigsinn, agus a shliochd ag iarraidh arain.

Earb thusa as an Tighearna, agus dèan math; mar sin gabhaidh tu còmhnaidh anns an tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Bidh a chòmhnaidh-san anns na h‑ionadan àrda; bidh daingnichean nan creag nan dìdean dha; bheirear aran dha; mairidh uisge gu cinnteach aige.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe.

Oir na nithean seo uile tha cinnich an t‑saoghail ag iarraidh: ach tha fhios aig ur n‑Athair-se gu bheil feum agaibh air na nithean sin.

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Oir tha an cleachdadh corporra tairbheach a‑chum beag nithean; ach tha an diadhachd tairbheach a‑chum nan uile nithean, aig a bheil gealladh na beatha a tha an làthair, agus a‑chum teachd.

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan