Agus ma chuireas sibh fàilte air ur bràithrean fhèin a‑mhàin, ciod a tha sibh a’ dèanamh thar chàich? Nach eil na cìs-mhaoir fhèin a’ dèanamh an nì cheudna?
Thubhairt Iosa rithe, Na bean rium; oir cha deachaidh mi fhathast suas a‑chum m’Athar: ach imich a‑chum mo bhràithrean, agus abair riu, Tha mise a’ dol suas a‑chum m’Athar fhèin agus ur n‑Athar-se, agus a‑chum mo Dhè fhèin agus ur Dè‑se.
Seo uime sin tha mi ag ràdh, agus a’ guidhe am fianais an Tighearna, gun sibh a dh’imeachd à seo suas mar a tha na Cinnich eile ag imeachd, ann an dìomhanas an inntinn fhèin;