Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mura eil sibh uime sin comasach air an nì as lugha a dhèanamh, carson a tha sibh ro‑chùramach mu nithean eile?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.

Smaoinich air obair Dhè: oir cò as urrainn an nì sin a dhèanamh dìreach a rinn esan cam?

Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?

Agus cò agaibhse, le ro‑chùram, as urrainn aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin?

Thugaibh fa‑near na lilidhean, cionnas a tha iad a’ fàs: chan eil iad a’ saothrachadh, no a’ snìomh: gidheadh tha mi ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na ghlòir uile air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo.

Uime sin na iarraibh-se ciod a dh’itheas sibh, no ciod a dh’òlas sibh, agus na bithibh amharasach.

A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan