Thugaibh fa‑near na fithich: oir chan eil iadsan a’ cur no a’ buain; chan eil aca taigh-tasgaidh no sabhal; agus tha Dia gam beathachadh: cia mòr as fheàrr sibhse na an eunlaith?
Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar-bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh-tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh.
Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan?
Agus thubhairt e, Nì mi seo: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi saibhlean as mò; agus cruinnichidh mi annta sin mo thoradh uile, agus mo mhaoin.