Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is ann mar sin a tha an tì a thaisgeas ionmhas dha fhèin, agus nach eil saoibhir a‑thaobh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Tha neach ann a leigeas air a bhith beartach, agus gun nì air bith aige; tha neach ann a leigeas air a bhith bochd, agus mòr shaoibhreas aige.

B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn.

Mo thruaighe esan a tha a’ sanntachadh droch shannt da thaigh; a‑chum a nead a shuidheachadh gu h‑àrd; gu e fhèin a shaoradh o chumhachd àmhghair.

Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.

Air an adhbhar sin, mura robh sibh fìrinneach anns an t‑saoibhreas eucorach, cò a dh’earbas ribh an saoibhreas fìor?

Ach is an‑aoibhinn dhuibhse a tha saoibhir: oir fhuair sibh ur sòlas.

Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.

Ach an dream len àill a bhith beartach, tuitidh iad ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomadh ana-miann amaideach agus ciùrrail, a bhàthas daoine ann am milleadh agus ann an sgrios.

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Is aithne dhomh d’obraichean, agus d’àmhghar, agus do bhochdainn (gidheadh, tha thu beartach), agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach sionagog Shàtain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan