Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh.
Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.
Mar a’ chearc a nì gur air uibhean, agus nach toir a‑mach eòin, tha esan a gheibh beartas, ach nach ann le còir; ann am meadhon a làithean dealaichidh e ris; agus na chrìch dheireannaich bidh e na amadan.
Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:
Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.