Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus their mi rim anam, Anam, tha agad mòran de nithean matha air an tasgadh fa chomhair mòran bhliadhnachan; gabh fois, ith, òl, agus bi subhach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

39 Iomraidhean Croise  

Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr-shaoghalach, agus làn àmhghair.

Ged bheannaich e a anam fhèin, nuair a tha e beò; agus molar thusa nuair a nì thu math dhut fhèin.

Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air.

Chan eil tairbhe ann an ionmhasan aingidheachd; ach saoraidh ionracas on bhàs.

Is e crùn nan daoine glice an saoibhreas; ach is amaideachd amaideachd nan amadan.

Is e beartas an duine shaoibhir a chathair làidir, agus mar bhalla àrd na bheachd fhèin.

An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh.

Na dèan uaill a‑thaobh an là màireach; oir chan eil fhios agad ciod a bheir là uaithe.

Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.

Chan eil nì ann as fheàrr do dhuine na gun itheadh agus gun òladh e, agus gun tugadh e air a anam math a mhealtainn na shaothair.

Ach feuch, aoibhneas agus aighear, marbhadh dhamh agus casgairt chaorach, ithe feòla agus òl fìona; itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.

Is an‑aoibhinn dhaibhsan a dh’èireas gu moch anns a’ mhadainn, a dhol an dèidh dibhe làidir; a bhuanaicheas gu feasgar, ionnas gun cuir am fìon teas orra!

Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ cur taighe ri taigh, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àit ann, agus gun gabh sibh còmhnaidh air leth ann am meadhon na tìre!

Thigibh, deir iad, gabhamaid fìon, agus òlamaid deoch làidir; agus mar an là‑an‑diugh bidh a‑màireach, agus nas ro‑phailte gu mòr.

Agus thubhairt Ephraim, Gu deimhinn tha mi air fàs saoibhir, fhuair mi dhomh fhèin stòras: ann am shaothairean uile chan fhaigh iad euceart air bith annam a bhiodh na chionta.

Sibhse a tha ri gàirdeachas ann an nì as neoni; a tha ag ràdh, Nach do ghabh sinn dar n‑ionnsaigh uachdaranachd le ar neart fhèin?

Air an adhbhar sin, tha iad ag ìobradh dan lìon, agus a’ losgadh tùise dan eangaich: a chionn leo sin gu bheil an cuibhreann reamhar, agus an lòn pailt.

Agus thubhairt e, Nì mi seo: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi saibhlean as mò; agus cruinnichidh mi annta sin mo thoradh uile, agus mo mhaoin.

Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon-aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr-ghreadhnachas:

Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.

Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh-bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.

Don deireadh a bhith air an sgrios, don dia am brù; agus aig a bheil an glòir nan nàire, aig a bheil an aire air nithean talmhaidh.)

Ach ise a tha a’ caitheamh a beatha ann am macnas, air dhi a bhith beò, tha i marbh.

Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:

Fealltach, ceann-làidir, àrdanach, aig a bheil bàrr gràidh do shàimh na tha aca do Dhia;

Chaith sibh ur beatha ann an sògh air thalamh, agus bha sibh mear: dh’altraim sibh ur cridheachan, mar ann an là a’ mharbhaidh.

Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana-miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal-adhradh ain-dligheach:

A mheud is a ghlòraich i i fhèin, agus a chaith i a beatha gu sòghail, cho mòr is sin thugaibh dhi de pheanas agus de bhròn: oir tha i ag ràdh na cridhe fhèin, Tha mi am shuidhe am bhànrighinn, agus cha bhantrach mi, agus chan fhaic mi bròn.

Agus nuair a thug e sìos e, feuch, sgaoileadh iad air aghaidh na tìre uile, ag ithe agus ag òl, agus a’ dannsa, airson na creiche mòire uile a thug iad leo à tìr nam Philisteach, agus à tìr Iùdah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan