Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus smaoinich e ann fhèin, ag ràdh, Ciod a nì mi, a chionn nach eil agam àit anns an cruinnich mi mo thoradh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Thoir cuibhreann do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh.

Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?

Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin ag ràdh, Is ann airson nach tug sinn aran leinn.

Tabhair don tì a dh’iarras ort; agus uaithesan lem bu mhiann iasad fhaotainn uat, na till air falbh.

Agus, feuch, sheas fear-lagha àraidh suas ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?

Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh.

Agus labhair e cosamhlachd riu, ag ràdh, Thug fearann duine shaoibhir àraidh bàrr pailt uaithe:

Agus thubhairt e, Nì mi seo: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi saibhlean as mò; agus cruinnichidh mi annta sin mo thoradh uile, agus mo mhaoin.

Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.

Uime sin na iarraibh-se ciod a dh’itheas sibh, no ciod a dh’òlas sibh, agus na bithibh amharasach.

Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.

An sin thubhairt an stiùbhard ann fhèin, Ciod a nì mi? Oir tha mo mhaighistir a’ toirt na stiùbhardachd uam: chan urrainn mi ruamhar a dhèanamh, is nàir leam dèirc iarraidh.

Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean-còmhnaidh sìorraidh.

Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

Agus thubhairt e ris, Is math, a dheagh sheirbhisich: do bhrìgh gu robh thusa fìrinneach ann an ro‑bheagan, biodh agadsa uachdaranachd air deich bailtean.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil dà chòta, roinneadh e ris an tì aig nach eil; agus an tì aig a bheil biadh, dèanadh e mar an ceudna.

Agus air dha an toirt a‑mach, thubhairt e, A mhaighistirean, ciod as còir dhomh a dhèanamh a‑chum gun tèarnar mi?

A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?

A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.

Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:

Le seo is aithne dhuinn gràdh Dhè, do bhrìgh gun do leig esan sìos a anam fhèin air ar son-ne: agus is còir dhuinne ar n‑anaman fhèin a leigeadh sìos airson nam bràithrean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan