Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 12:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e ris, A dhuine, cò a chuir mise am bhritheamh no am fhear-roinn os ur cionn?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.

Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?

Agus thubhairt neach àraidh den t‑sluagh ris, A Mhaighistir, abair rim bhràthair an oighreachd a roinn rium.

Agus beagan na dhèidh sin chunnaic neach eile e, agus thubhairt e, Is ann dhiubh thusa mar an ceudna. Agus thubhairt Peadar, A dhuine, chan ann.

Agus nuair a chunnaic e an creideamh, thubhairt e ris, A dhuine, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.

Uime sin nuair a thuig Iosa gu robh iad air tì teachd agus breith air le làimh làidir, a‑chum gun dèanadh iad rìgh dheth, dh’imich e a‑rìs don bheinn na aonar.

Thubhairt ise, Cha do dhìt aon duine, a Thighearna. Agus thubhairt Iosa rithe, Cha mhò a tha mise gad dhìteadh: imich romhad, agus na peacaich nas mò.

Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.

Agus an saoil thusa seo, O dhuine, a tha a’ toirt breith orrasan a nì an leithidean sin, agus a tha gan dèanamh thu fhèin, gun tèid thu as o bhreitheanas Dhè?

Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan