Oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh, anns an uair sin fhèin, na nithean as còir dhuibh a ràdh.
Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò a rinn beul an duine? No cò a rinn am balbh, no am bodhar, no an tì a chì, no an dall? Nach mise, an Tighearna?
A‑nis uime sin imich, agus bidh mise led bheul, agus teagaisgidh mi dhut ciod a their thu.
Ach nuair a bheir iad an làimh sibh, na biodh e na ro‑chàs oirbh cionnas no ciod a labhras sibh; oir bheirear dhuibh, anns an uair sin fhèin, an nì a labhras sibh.
Oir cha sibhse a labhras, ach Spiorad ur n‑Athar fhèin a labhras annaibh.
Agus thubhairt neach àraidh den t‑sluagh ris, A Mhaighistir, abair rim bhràthair an oighreachd a roinn rium.
Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi ur naimhdean uile comasach air labhairt no cur na aghaidh.
An sin air do Pheadar a bhith air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, thubhairt e riu, Uachdarana a’ phobaill, agus a sheanairean Israeil,
Agus cha b’urrainn iad cur an aghaidh a’ ghliocais agus an spioraid leis an do labhair e.
Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;