Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach don tì a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha toirear maitheanas.
A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:
Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.