Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;
Dh’fhosgail mi do fhear mo ghràidh; ach thionndaidh fear mo ghràidh, agus dh’imich e roimhe. Thrèig m’anam mi nuair a labhair e. Dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e; ghairm mi air, ach cha do fhreagair e mi.
Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta.
Cò den dithis a rinn toil a athar? Thubhairt iadsan ris, An ciad fhear. Thubhairt Iosa riu, Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun tèid na cìs-mhaoir agus na strìopaichean do rìoghachd Dhè romhaibhse.
Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.
Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.
(Oir tha e ag ràdh, Ann an àm taitneach dh’èisd mi riut, agus ann an là slàinte rinn mi còmhnadh leat: feuch, a‑nis an t‑àm taitneach; feuch, a‑nis là na slàinte.)
Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.
Agus ge bè nì a dh’iarras sinn gheibh sinn uaithe e, do bhrìgh gu bheil sinn a’ coimhead a àitheantan, agus a’ dèanamh nan nithean a tha taitneach na fhianais.
Ach ribhse tha mi ag ràdh, agus ris a’ chuid eile ann an Tiatìra, A mheud aig nach eil an teagasg seo, agus do nach b’aithne doimhneachdan Shàtain, mar a their iad, cha chuir mi uallach eile oirbh;