Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha mi ag ràdh ribh, ged nach èirich e agus nach toir e dha, airson gur e a charaid e; gidheadh airson a liosdachd, èiridh e agus bheir e dha a mheud is a tha a dh’uireasbhaidh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir tha an fhàire a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu, mura beannaich thu mi.

Agus gum freagair esan on taobh a‑staigh agus gun abair e, Na cuir dragh orm: tha an doras a‑nis air a dhùnadh, agus tha mo chlann maille rium anns an leabaidh; chan fhaigh mi èirigh agus an toirt dhut.

A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, air sgàth an Tighearna Iosa Crìosd, agus air sgàth gràdh an Spioraid, gun dèan sibh gleac maille riumsa ann an ùrnaighean air mo shon ri Dia;

Air a shon seo ghuidh mi an Tighearna trì uairean, gun imicheadh seo uam.

Oir b’àill leam fios a bhith agaibh ciod e meud mo chòmhraig air ur son-se, agus airson na dream a tha ann an Laodicèa, agus airson a mheud is nach fhaca m’aghaidh anns an fheòil:

Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè.

Agus ghuil i na làthair rè nan seachd làithean a bha a’ chuirm aca: agus air an t‑seachdamh là dh’innis e dhi, a chionn gun do chuir i gu teann ris: agus dh’innis ise an tòimhseachan do chloinn a sluaigh.

Agus nuair a bhuanaich i ri ùrnaigh an làthair an Tighearna, thug Eli fanear a beul.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan