Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 11:54

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A’ dèanamh feall-aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a leugh rìgh Israeil an litir, reub e a aodach, agus thubhairt e, An Dia mise, a mharbhadh agus a dhèanamh beò, gun cuireadh am fear seo fios am ionnsaigh duine a leigheas o a luibhre? Uime sin thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha e ag iarraidh adhbhair am aghaidh.

An sin dh’imich na Pharasaich, agus ghabh iad comhairle cionnas a dh’fhaodadh iad esan a ribeadh na chainnt.

Ach air tuigsinn am mìoruin do Iosa, thubhairt e, Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean?

An sin chuir neach àraidh dhiubh, a bha na fhear-teagaisg an lagha, ceist air, ga dhearbhadh, agus ag ràdh,

Agus chuir iad da ionnsaigh dream àraidh de na Pharasaich, agus de luchd-leanmhainn Heroid, a‑chum gun glacadh iad e na chainnt.

Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean;

Agus rinn iad geur-fhaire air, agus chuir iad a‑mach luchd-foille, a leigeadh orra fhèin a bhith nam fìreanan, a‑chum gun dèanadh iad greim air a fhacail, air chor is gun tugadh iad thairis e do chumhachd agus do ùghdarras an uachdarain.

Agus cha b’urrainn iad greim a dhèanamh air a bhriathran am fianais an t‑sluaigh: agus ghabh iad iongantas ra fhreagradh, agus dh’fhan iad nan tosd.

Ach na aontaich thusa leo: oir tha os cionn dà‑fhichead fear dhiubh ri feall-fhalach na aghaidh, a chuir iad fhèin fo mhallachadh, nach ith agus nach òl iad gus am marbh iad e: agus a‑nis tha iad ullamh, a’ feitheamh ri gealladh uatsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan